Feis cearcal

Roimh thoiseach eachdraidh bha ar sinnsearan a’ dol gu muir. Cluinnear mun t-siubhal aca ann an sgeulachdan nan Ceiltich agus anns an eachdraidh ghaisgeil nan Lochlannach. Ann am bardachd Ghaidhlig tro na linntean tha dealbhan sonraichte air an toirt dhuinn dhen t-seolaidh.

‘Se sliochd nam maraichean ghaisgeil sin, le fuil nam bard ‘s nan seanchaidh a’ ruith gu laidir nan cuislean, bun-steidhidh na feise seo.

Anns an t-Shamhainn 2004 chuir sinn air chois Feis nan Sgeulachdan – Seoladh an t-Saoghail. Thaining tri cheud seoltair, seoltairean a bha aig na Whalers, anns an Chiad Chogadh, an Cabhlach Rioghail agus eile. Thainig iad bho air feadh na h-Eileanan an Iar - bho Nis gu Barraidh chun an fheis, agus abair gu robh sgeulachdan aca. Choinnich na daoine bha lathair caraidean bha comhla riutha aig muir corr air 20 bliadhna air ais, agus abair ploy a bha aca.

Bharrachd air eisteachd ri sgeulachdan bho am an t-seolaidh, bha taisbeanadh againn cuideachd de dheilbh de na seoltairean fhein, de na bataichean, cuid de na puirt a bha iad a’ tadhal orra.

Leugh feadhainn de na sgeulachdan

Eisd ri feadhainn de na sgeulachdan

Coimhead ri feadhainn de na deilbh.

Search