Sgeulachdan
Pròiseact le Eachdraidh Bheairteach
Tha beairteas de sgeulachdan ann an eachdraidh na Gàidhlig, gu dearbh tha innse sgeulachdan na phàirt gnèitheach de dhearbh-aithne chultarach na Gàidhlig. Ealan cruthachail a bhios ag innse mu thachartasan, mu dhaoine no mu obair don neach-èisteachd far a bheil an luchd-èisteachd air am beò-ghlacadh le sgilean ealanta agus cànanach an Sgeulaiche. Ealan Gàidhlig air a thoirt gu bith tro linntean far an robh meas mòr air a chur a-riamh air cleasaichean sònraichte sa choimhearsnachd.
Ann an Sgìrean Gàidhlig nan Eilean Siar tha an cànan fhathast beò, air a labhairt le gach linn. Tha innse sgeulachdan fhathast na phàirt gnèitheach den chultar agus tha e air leth freagarrach airson a' phròiseict seo.



Comments
Leave a comment
'S urrain dhut cleachdadh Markdown nad sgrìobhadh.